Riaghailtean Cleachdaidh

Rinneadh an làrach-lìn seo airson feumalachdan foghlaim agus feumalachdan pearsanta a-mhàin. Le bhith a’ fosgladh agus a’ cleachdadh na làraich-lìn seo, tha thu ag aontachadh ris na riaghailtean a leanas air fad:

 

FAODAIDH TU:

 

Na tar-sgrìobhaidhean a chleachdadh airson adhbharan pearsanta agus adhbharan fhoghlaim, mar eisimpleir ann an clas sgoile, colaiste no oilthigh, air neo airson rannsachadh prìobhaideach nach eil coimearsalta.

Aithne a thoirt do stuthan a thèid a lorg air an làraich-lìn a rèir an stiùiridh a thaobh cleachdadh cothromach agus aithneachadh ceart. (gu h-ìosal)

CHAN FHAOD THU (a’ gabhail a-staigh ach ma dh’fhaodte a’ dol nas fhaide):

 

Lethbhreac no atharrachadh a dhèanamh dha na tar-sgrìobhaidhean air neo gin de na tar-sgrìobhaidhean a sgaoileadh gu poblach no a reic, gun chead.

An stuth a thaisbeanadh gu poblach no ath-sgrìobhadh airson buannachd phearsanta, no an stuth a chleachdadh ann an suidheachadh meallta.

Brathan chòraichean a thoirt às, dubhar a chur orra no an atharrachadh, no atharrachadh sam bith a dhèanamh air teacsa a tha ag ainmeachadh cò aig a tha na còraichean glèidhte.

Ma tha thu airson na tar-sgrìobhaidhean a chleachdadh ann an dòigh sam bith eile, mar eisimpleir ann an iris no air làrach-lìn eile, feumaidh tu cead fhaighinn ro làimh bho Thobar an Dualchais, aig a bheil na còraichean glèidhte. Cuir post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk.

 

Tha cleachdadh gun chead air dòigh sam bith, airson craoladh, taisbeanadh poblach, lethbhreac no ath-chlàradh a dhèanamh, a’ briseadh lagh nan còraichean. Chan fhaod thu lethbhreac malairteach a dhèanamh, no an stuth a leigeil a-mach air màl no air iasad.

 

Cleachdadh Cothromach

 

Feumaidh gach neach-cleachdaidh an co-dhùnadh fhèin a dhèanamh co-dhiù a tha an dòigh anns a bheil iad a’ cleachdadh stuthan bhon làrach-lìn seo laghail gus nach eil. Ged as e raon gu math toinnte de lagh chòraichean a th’ ann an seo, tha Tobar an Dualchais a’ tuigsinn gu bheil cleachdadh cothromach ag obair san dòigh a leanas. Cha bu chòir gabhail ri seo mar chomhairle laghail agus chan fhaodar Tobar an Dualchais a choireachadh ma thèid còraichean a bhriseadh le neach-cleachdaidh na làraich-lìn seo

Tha a’ chomhairle air a mhìneachadh le bhith a’ cur feum air: Tim Padfield “Copyright for Archivists and Records Managers” agus “Copyright: Interpreting the law for libraries, archives and information services” – Graham Cornish.

 

Leugh na puingean a leanas mus beachdaich thu air a bhith a’ cleachdadh stuthan fo riaghailtean cleachdadh cothromach:

 

1. Chan fhaod thu am pìos air fad a thoirt seachad ann an sgrìobhadh

2. Chan fhaod am meud a bhith “tàbhachdach” a thaobh meud no càileachd.

3. A rèir an t-suidheachaidh, a bheil thu a’ cleachdadh cus stuth?

4. Dè an uiread den phìos a tha thu a’ cleachdadh? Thathar den beachd gur e cleachdadh cothromach a th’ ann ma chleachdar earrannan:

a. far a bheil suas ri 400 facal ann an aon chuibhreann sgrìobhaidh no

b. far a bheil 800 facal uile-gu-lèir ann an sreath de chuibhreannan goirid, gun gin dhiubh a bhith nas fhaide na 300 facal agus feumar cuimhneachadh nach eil an seo ach comhairle agus ’s dòcha nach bi na crìochan fhaclan seo iomchaidh airson gach suidheachadh: dh’fhaodadh earrann bheag fhathast a bhith “tàbhachdach” a thaobh meud nuair a smaoinicheas tu air meud na susbainte air fad, agus dh’fhaodadh e bhith “tàbhachdach” a thaobh càileachd às bith dè an uiread de dh’fhaclan a tha thu a’ togail bhon phìos.

5. A bheil mar a tha thu a’ cleachdadh stuth a’ tighinn fo aon de na trì cinn a th’ ann an cleachdadh cothromach? 

a. rannsachadh neo-choimeirsealta no prìobhaideach; 

b. breithneachadh no lèirmheas 

c. aithrisean naidheachd air cùisean an latha an-diugh

6. An tugadh aithne gu leòr seachad, ag ainmeachadh Tobar an Dualchais agus an àite far an d’ fhuaras an stuth sa chiad dol a-mach? Faic stiùireadh airson a bhith a’ toirt aithne do thùsan. (gu h-ìosal)

7. Dè as adhbhar gu bheil thu ag iarraidh an stuth a chleachdadh? Bidh e nas coltaiche gur e cleachdadh cothromach a bhios ann ma tha thu an dùil an stuth a chleachdadh ann an dòigh nach bi gu do bhuannachd fhèin agus far nach bi thu a’ dèanamh airgead às.

8. Am b’ urrainn do adhbhar airson an stuth seo a chleachdadh a choileanadh ann an dòigh eile nach eil a’ toirt an uiread de bhuaidh air na daoine aig a bheil na còraichean?

 

A’ toirt aithne do Stuthan bhon làraich-lìn

Nuair a tha thu a’ toirt aithne do shusbaint bhon làraich-lìn seo, cuimhnich gun toir thu aithne do Thobar an Dualchais agus don àite far an d’ fhuaras an stuth sa chiad dol a-mach Tha sinn a’ moladh a’ chruth a leanas:  

Ainm an fhiosraiche, tiotal an tar-sgrìobhaidh, seòladh url bhon làraich-lìn, an còd aithneachaidh airson an tasglainn anns an d’ fhuaras e an toiseach (teip agus àireamh a’ chlàir nuair a tha iad rim faotainn), Tobar an Dualchais/Kist o Riches, an ceann-latha a fhuair thu e bhon làraich-lìn.

Terms of Use

This website has been prepared for educational and personal use only. By accessing and using this website, you are agreeing to the following terms and conditions:

YOU MAY:

  • Make use of the transcriptions for personal use and for non-commercial educational purposes such as in a classroom or other teaching environment, or for private research.
  • Quote from the transcriptions in accordance with the guidelines regarding fair dealing and citation. (See below)

YOU MAY NOT (including but not restricted to):

  • Modify, copy, reproduce, sell, or distribute any content in any manner or medium without permission
  • Give public performance, reproduce for personal gain or attempt to profit from any content, or use materials in a misleading context
  • Remove, obscure or modify copyright notices, nor any text acknowledging identification of the copyright holder

For any other use of transcriptions, such as in a publication or on a publicly available website, copyright clearance must be obtained from Tobar an Dualchais, which holds the copyright for them. Please e-mail dualchais@smo.uhi.ac.uk in such an instance.

Any unauthorised use, broadcasting, public performance, copying or re-writing of content constitutes a breach of copyright law. No part of the content of this website may be re-used or sold.

Fair Dealing

Each user must make their own judgement as to the legality of their use of any item on this website. Although this is a complex area of copyright law, Tobar an Dualchais understands that fair dealing works as follows. This is not to be taken as legal advice and Tobar an Dualchais cannot be held responsible for any infringement caused by users of this site. The advice has been interpreted using: Tim Padfield “Copyright for Archivists and Records Managers” and “Copyright: Interpreting the law for libraries, archives and information services” – Graham Cornish.

Please read the following points before considering using items under fair dealing:

  1. You may not quote a piece in its entirety
    2. The quantity used must not be “substantial” in terms of quantity or quality.
    3. Is the quantity of material you are using excessive in the circumstances?
    4. What proportion of the work are you quoting? It is considered that extracts could be fair dealing if they amounted to no more than:
    a. up to 400 words in a single quotation or
    b. up to a total of 800 words in a series of short quotations, none of which is longer than 300 words although this is just guidance and these specific word limits will not apply in every case: a shorter extract can still be “substantial” in quantity when compared to the size of the whole work, and can be “substantial” in quality irrespective of what proportion of the word count of the whole work it represents.
    5. Does your use fit into one of the three categories of fair dealing?
    a. non-commercial research or private study
    b. criticism or review
    c. news reporting of current events
    6. Has sufficient acknowledgement been given, crediting the original source of the material and Tobar an Dualchais? See guidlines for citation. (See below) 
    7. What is your motive for using the items? Altruistic or benevolent motives are more likely to qualify for fair dealing than, for example, being motivated by financial gain.
    8. Could your purpose in using the item be achieved by different means which are less intrusive to the copyright owner’s rights?

Citation

When citing the content of this website, please remember to credit both the original source of the material and Tobar an Dualchais. We suggest the following format:

Name of contributor, title of transcribed item, url address of transcription from the website, source archive original identifier (tape and track where available), Tobar an Dualchais/Kist o Riches, date you accessed it on the website.