Àireamh: 104312

©Tobar an Dualchais

Tiotal: Nighean a chunnaic bòcan air Èiseabhal

Faid: 00:01:58

Àm Clàraidh: 01/03/1960

Fiosraichean: Mòr Chaimbeul (1868-1971)

Sgìre Thùsail: Loch Aoineart, Uibhist a Deas

Seòrsa: Sgeulachd

Cruinneachadh: Urras Nàiseanta na h-Alba

Luchd-clàraidh: Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh

Ceangal: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/104312/1

Notaichean:

 

Tar-sgrìobhadh:

Mòr Chaimbeul: Nighean, tha mi a’ smaointinn gur ann a mhuinntir Smeircleit a bha i shuas, agus cha robh a-staigh ach i fhèin ’s a h-athair, agus bràthair dhi. Agus bha i an oidhche ud ann an taigh Dhòmhnaill Fhearghasdain car anmoch agus i ag iarraidh gnothaichean ann, agus bha flasg parafain aice, agus ghabh i tarsainn ceann na beinne, Èiseabhal, ’s e a their iad ris. Agus nuair a bha i a-null ann a shin, bha co-thràth na h-oidhche ann, agus thachair cù mòr rithe, agus e a’ dol a-mach dhan bheinn.

“Càit a mhic an deamhain,” ars ise, “a bheil thu dol? An ann a dh’ithe nan caorach a tha thu a’ dol?”

Mun do leig i am facal às a beul, bha e na dhuine air a beulaibh. Uill, thuit an nighean ann an neul ann a shin fhèin, agus ge brith gu dè an ùine a bha i ann, dh’fhairich i rud fuaraidh ma beul, agus dh’fhosgail i a sùilean, agus bha a màthair ma coinneamh, agus rug i air làimh oirre, ’s thuirt i: “Èirich a ghaoil,” ars ise.

Dh’èirich an nighean, agus cha robh… chan fhaca iad sìon tuilleadh. Chan fhaca i… [???] cù no duine nuair a dh’èirich i, no a dhùisg i, agus bha a màthair ga leantail, agus… Chuala i seothach… Chuala i seo meileòidean ag obair shìos ann an taigh air choreigin, agus thuirt i: “Nach brèagha an ceòl a tha siud.”

“O seagh,” ars’ ise. “Ach suarach e,” ars ise, “ris a’ cheòl a bh’ ann am Flaitheanas an oidhche a ràinig Anna Nighean Nèill. Ach na bi thusa a’ gabhail an rathad sa idir tuilleadh,” ars ise, “agus bha feum agad ormsa a-nochd, agus na bi a’ gabhail an rathad sa uair sam bith leat fhèin.”

’S dh’fhalbh i às an t-sealladh, mar gum biodh ann am priobadh na sùl.

©Tobar an Dualchais