Àireamh: 42754

©Tobar an Dualchais

Tiotal: Fuadaichean ann an Leòdhas

Faid: 00:02:51

Àm Clàraidh: An Giblean 1963

Fiosraichean: Pàdraig Stiùbhart

Sgìre Thùsail: Leòdhas

Seòrsa: Fiosrachadh

Cruinneachadh: Sgoil Eòlais na h-Alba

Luchd-clàraidh: An Dr Iain MacAonghuis

Ceangal: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/42754/1

Notaichean:

 
 

Tar-sgrìobhadh:

Pàdraig Stiùbhart: Taing dhutsa mo Dhia uile-chumhachdaich gu bheil thu a’ faicinn ceartas. Cha robh ceartas ann, anns na làithichean a chaidh seachad. Bha an sluagh bochd, bha iad air an cur sìos, mar ‘slaves’. Chan fhaodadh iad fuireach ann am fearann, nam biodh fearann aca. Bha an sluagh bochd. Bha iad riaraichte – gheibheadh iad am beòshlaint às an fhearann, ach chan fhaodadh iad a bhith ann. B’ fheàrr leotha caoraich mhaol a bhith ann. B’ fheàrr leotha sealg a bhith ann.

Ach, lean sin airson ceud bliadhna air ais, ach chunnaic Dia iomchan nach leanadh e, gur e mac an duine a b’ fheàrr a bhith air uachdar na talmhainn na caoraich mhaola, agus eòin, agus coin, coin-eòin. Bha bho Bhorgh Àrd gu glè fhaisg air Dail bho Thuath, bha croitearan an sin uaireigin a bha glè riaraichte leis an àite a bh’ ann, ach bha e a’ cur sùil aig sluagh a bha na b’ fheàrr aige airson… b’ fheàrr leotha, b’ fheàrr leotha e a bhith aig aon duine, agus gum pàigheadh aon duine e na bhith aig na bha siud a thuathanaich. Bha tuathanaich a’ dèanamh tòrr cron air sealg agus air iasgach. B’ fheàrr leotha e a bhith aig aon duine, tuathanach, agus gum biodh e air a phàigheadh le aon duine na bhith aig na tuathanaich. Cha robh, ’s mathaid nach robh aig na tuathanaich… aig an fhear a bha a’ gabhail os làimh a bhith ann an sin, ’s mathaid nach robh teaghlach aige, ach bha teaghlaichean aig na tuathanaich. Cha do chùm Dia uile-chumhachdaich teaghlach bhuapa.

Ach dh’fhaodadh an fheadhainn a bh’ ann an sin… am fear bho dheireadh a chunnaic mise ann, cha robh teaghlach aige. Cha tug Dia dha teaghlach ann. B’ e sin Iain Moireasdan. Uill, chan urrainn dhomh a chreidsinn… chan urrainn dhomh a chantainn gun robh comas aig an fhear sin ri teaghlach a bhith aige ach cha d’ fhuair e boireannach ann. Cha b’ urrainn dha teaghlach a bhith aige. Ach co-dhiù, ’s e Iain Moireasdan, ’s e Johnnie Morrison, Galson, he was the last one there.

©Tobar an Dualchais