Àireamh: 20790

©Tobar an Dualchais

Tiotal: An tè a bha ag ithe teangannan nam mart

Faid: 00:07:10

Àm Clàraidh: 22/11/1949

Fiosraichean: Aonghas MacIlleMhaoil, Aonghas Barrach (1874-1954)

Sgìre Thùsail: Grìminis, Beinn na Fadhla

Seòrsa: Sgeulachd

Cruinneachadh: Urras Nàiseanta na h-Alba

Luchd-clàraidh: Calum MacIllEathain, Iain Latharna Caimbeul

Ceangal: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/20790/1

Notaichean:

Tar-sgrìobhadh:

Aonghas MacIlleMhaoil (AM): An tè ag ithe teanga nam mairt.

Calum MacIllEathain (CM): This is told by Angus MacMillan, Aonghas Barrach, Grìminis, Benbecula. An tè a bha ag ithe teangannan mart. Tha sibh ceart.

AM: Bha siud ann ma-thà, baintighearna, agus bha i air òg-phòsadh. Agus bha i uabhasach fhèin mòralach dhith fhèin, agus ghabh i miannd air teanga mairt a ghabhail air a dinneir air a h-uile tràth. Bha iad mar seo ùine mhòr bhliadhnaichean, agus dh’fheumadh an tighearna teanga mairt fhaighinn dhi airson a dinnearach.

Uill, bha an tighearna a’ cur uidhireachd mhòr air a bhean, gum feumadh i teanga ùr mairt fhaighinn air a dinneir a h-uile latha. Agus bha mòran, mòran de stoc aig an tighearna, ach ged a bha fhèin, bha e a’ cur uidhireachd air a bhean, an gnothach a bha i ag iarraidh.

Ach latha dhe na lathaichean, dh’fhalbh e air cuairt an latha a bh’ ann an seo, agus chaidh e far an robh seann duine a bh’ air an oighreachd aige, agus chaidh an seann duine na bhruidhinn, agus dh’innis e dha an gnothach a bha anns an t-sealladh aig a’ bhean aige.

“Uill,” ars esan, “’s e gnothach bochd a th’ ann gun teagamh,” ars esan, “dhuibhse agus do dh’iomadach neach eile a bharrachd oirbh,” ars esan. “Ach,” ars esan, “innsidh mise dhuibh,” ars esan, “an rud a nì sibh,” ars esan, “agus ’s e seo e,” ars esan, “ma ghabhas sibh mo chomhairle,” ars esan. “Faighibh,” ars esan, “a h-uile beothach as brèagha a ghabhas faighinn dhuibh fhèin… agaibh fhèin,” ars esan, “agus aig gach neach eile,” ars esan, “th’ ann,” ars esan, “agus,” ars esan, “mu choinneamh a h-uile beothach latha anns a’ bhliadhna,” ars esan. “Faighibh sin,” ars esan, “agus,” ars esan, “cuiribh mu choinneamh,” ars esan, “uinneag na baintighearna anns an àm anns am bi i ag èirigh,” ars esan. “Agus,” ars esan, “ma nì sibh sin,” ars esan, “agus gun toir ise an aire dheth, dha,” ars esan, “anns an àm anns am bi i ag èirigh,” ars esan, “anns a’ mhadainn,” ars esan, “’s dòcha,” ars esan, “gun dèan e feum dhuibh,” ars esan.

“Uill,” ars esan, an tighearna, ris-san, “chan eil,” ars esan, “agam,” ars esan, “a bheothaichean,” ars esan, “na nì an gnothach dhòmhsa,” ars esan, “a rèir na bliadhna,” ars esan.”

“O mura bheil,” ars an tighearna [sic], ars esan, “gheibh sibh,” ars esan, “aig feadhainn eile,” ars esan, “a-mach bhuaithe sin,” ars esan, “na nì an gnothach dhuibh,” ars esan, “airson na bliadhna.”

“Uill,” ars esan, “’s dòcha gum faigh,” ars esan, ars an tighearna.

Ach co-dhiù, chuir e mun cuairt nan daoine airson gum faigheadh iad a h-uile beothach a bu bhrèagha na chèile a bh’ aca anns an àite, agus gum biodh beothach aige mu choinneamh a h-uile latha agus a bha sa bhliadhna.

Fhuair e sin, agus nuair a fhuair e sin, chuir e mu choinneamh uinneag na baintighearna an sprèidh a bh’ ann a shin, agus bha e gu math brèagha an sprèidh a bh’ ann. Nuair a dh’èirich ise anns a’ mhadainn, agus a thàinig i a-nuas agus a sheall i a-mach air an uinneig, bha an sprèidh roimhpe air taobh a-muigh na h-uinneig.

“O, uill, uill,” ars a’ bhaintighearna, “nach ann an sin a tha na beothaichean as brèagha a chunna mi riamh mum choinneamh.”

“O, ’s ann,” ars an tighearna, ars esan. “Ach ged a tha iad brèagha an-diugh,” ars esan, “bliadhna o ’n-diugh,” ars esan, “cha bhi aon fhear dhiubh sin,” ars esan, “an làrach beò.”

“Ciamar a thachras sin?” ars a’ bhaintighearna.

“O tachraidh,” ars an tighearna, ars esan, “feumaidh tu fhèin,” ars esan, “teanga ‘fresh’ mairt a bhith agad air do dhinneir a h-uile latha,” ars esan. “Chan eil,” ars esan, mart beothach an sin,” ars esan, “nach bi,” ars esan, “marbh,” ars esan, “mun ruig ceann na bliadhna.”

“An e mise,” ars ise, “as coireach ris an sin?”

“’S tu,” ars esan. “Nach fheum thu fhèin teanga mairt,” ars esan, “a bhith agad,” ars esan, “air do dhinneir?”

“Uill,” ars ise, “cha tachair sin fada tuilleadh,” ars ise. “Cha ghabh mise teanga mairt tuilleadh,” ars ise, “às a dhèidh seo,” ars ise.

“An e sin ri ràdh,” ars ise, “gur e mise,” ars ise, “a tha a’ dol a chur ceall air a h-uile beothach brèagha, brèagha na chèile a tha an seo an-diugh?”

“O, ’s tu,” ars esan.

“Uill,” ars ise, “cha tachair sin tuilleadh,” ars ise, “agus bidh mise a’ stad dheth, agus cha ghabh mise an còrr na dhèidh tuilleadh.”

Dhealaich mise rithe.

©Tobar an Dualchais