Àireamh: 60002

©Tobar an Dualchais

Tiotal: Naidheachdan à Pabaigh

Faid: 00:14:11

Àm Clàraidh: An Giblean 1988

Fiosraichean: Iain MacDhòmhnaill, Iain Nèill a’ Bhàird (1923-2005)

Sgìre Thùsail: Losgaintìr, Na Hearadh

Seòrsa: Fiosrachadh

Cruinneachadh: BBC

Luchd-clàraidh: Catrìona NicDhòmhnaill

Ceangal: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/60002/1

Notaichean:

 

Tar-sgrìobhadh:

Iain MacDhòmhnaill (IM): Tha an t-àite ann a shiud, ann am Pabaigh fhathast, anns an robh iad a’ dèanamh an uisge-bheatha. Ach cha b’ ann aig na taighean a tha e. ’S ann a tha e thall pìos math seachad gu na taighean. Agus mura biodh fhios agad air, ’s mura deidheadh innse dhut, ’s mura gabhadh tu beachd air an rud, tha e air a dhèanamh agus dheidheadh iomadach duine ionnsaichte seachad air ’s gun fhios aige carson a bha na rudan. ’S ann a tha na leacan, leacan mòra smaointeanach, chan eil fhios agamsa dè cho fad ’s a tha iad anns an talamh, ach tha pìos math dhiubh an-àirde ’s tha a h-uile gin riamh, chan ann dìreach a tha iad idir ach a’ dol air slant a-mach, slant a-mach mar sin.

Uill, ’s ann a bha sin air a dhèanamh airson nuair a bhiodh iad a’ dèanamh an uisge-bheatha leis a’ cheò, bha e a’ bualadh air a’ chreig, air na leacan mòra a bha seo a bha os cionn an teine, bha e a’ bualadh air an sin, bha e a’ spreadadh a-mach, tha fios agad, gu uachdar na talmhainn, a-mach, tha fios agad. ’S ged a chitheadh tusa a’ cheò, cha shaoileadh tu nach e ceò a bha às an eilean fhèin a bh’ ann, tha fios agad, ceò na beinne no rud dhen t-seòrsa sin. Cha robh i a’ dol suas dìreach ann. Dh’fheumadh i sgapadh air uachdar na talmhainn.

Catrìona NicDhòmhnaill (CN): Agus ciamar a-niste a ghlacadh, no a fhuaradh a-mach gun robhar a’ dèanamh uisge-beatha ann am Pabaigh? Ciamar a chaidh an glacadh? Ciamar a thàinig iad orra gun fhiosta?

IM: Uill, thàinig iad, fhios agad, ’s e… ’s e a’ chiad rud a chaidh a dhèanamh a-mach, tha fios agad, nuair a bha iad a’ cur air falbh na deoch, ’s ann ann am pigeachan mòra a bha e a’ falbh. Uill, tha e coltach nuair a bha an deoch sin, tha fios agad, a’ dol a-mach gu tìr-mòr gu na feadhainn sin, tha fios agad, a bha ga creic… feadhainn, tha fios a’d, a’ faighneachd:

“Càit an d’ fhuair thu an deoch? Càit an d’ fhuair thu an t-uisge-beatha math a tha seo?”

“O, sin agad uisge-beatha a thàinig à Pabaigh.”

“Dè an t-àite a tha sin?”

Agus: “O, chan eil càil a dh’fhios agam, ach gheibh mi a-mach.”

“Feuch gum faigh thu a-mach dhomh e.”

’S dòcha gur e fear dhe na gàidsearan a bha sin, a’ gabhail drama ’s a dh’fhaighnich seo. Uill, mar a tha na gàidsearan, tha iad airson a h-uile càil fhaighinn a-mach. Agus dh’obraich iad riamh, tha fios agad, gus an do rinn iad a-mach gur e seo an t-eilean às an robh an t-uisge-beatha a’ tighinn. ’S ann mar sin… Ach cha deachaidh an glacadh riamh. Cha deachaidh an glacadh ann am Pabaigh riamh.

CN: Bha dòigh aca air rabhadh a thoirt, nuair a bha na gàidsearan…

IM: O bha. Bha dòigh aca air an sin, tha fios agad. ’S e bha sin, bha fear às an t-Òb, ’s e a bhiodh a’ dol a-null le na gàidsearan an-còmhnaidh. Agus bha fhios aig na feadhainn a bh’ ann am Pabaigh an uair sin – bha tuath ann am Pabaigh – bha fhios aca air… cuin a… nam faiceadh iad an t-eathar a tha seo a’ tighinn agus seòl geal agus rud ruadh ann am meadhan… paidse ruadh ann am meadhan an t-siùil, dh’fhaodadh iad a bhith cinnteach gun robh an gàidsear air bòrd an uair sin. Ach nam faiceadh iad an t-eathar a’ tighinn agus seòl geal oirre, no seòl dubh, no seòl ruadh, bha fhios aca nach robh càil ann an uair sin; gun robh e sàbhailte gu leòr.

Ach theabar an glacadh gun teagamh aon triop, a chionn cha robh am fear a chleachd a bhith a’ dol a-null leotha, cha robh e aig taigh, agus thàinig na gàidsearan agus bha iad a’ dol a-null a Phabaigh. Agus chunnaic iadsan an t-eathar a’ tighinn gun teagamh ach cha do shaoil iad càil dhen an eathar. Agus ’s ann a chaidh iad sìos chun a’ chladaich. Uill, am fear a bha leis an eathar, cha b’ urrainn dha càil a dhèanamh. Cha robh fhios aige sìon dè an soidhne a bh’ aig an fhear eile no càil air an t-seòl. Agus cha robh fhios aige air thalamh diorta a dhèanadh e. Agus ’s ann a bha an tràghadh ann. Bha i air pìos math tràigh, ach… a dhèanamh ach bha dìreach beul lìonaidh gu bhith oirre. Nuair a chaidh iad sìos chun a’ chladaich, fhios agad, a choinneachadh an eathair – bha iad a’ coinneachadh… bha thu a’ coinneachadh an eathair co-dhiù – chaidh iad sìos ann a shin agus nuair a chunnaic an duine, bheil fhios agad, [???] cha robh fios aige dè… agus cha do rinn e càil ach chuir e air banca gainmheacha i. Uill, bha sin pìos a-mach, agus chan fhaigheadh an gàidsear air tìr gun e fhèin a fhliuchadh… na gàidsearan air tìr gun e fhèin a fhliuchadh… iad fhèin a fhliuchadh. Agus mus fhaigheadh iadsan a-mach… eathar à Pabaigh chun an eathair eile a bha a-muigh, thill fheadhainn eile dhachaigh, ’s thòisich iad a’ toir warning dha na feadhainn a bh’ anns an eilean gun robh na gàidsearan air bòrd.

Agus co-dhiù… Ach bha a h-uile duine riamh cho trang, e fhèin, ’s nuair a… bha fear seo… bha an tè seo ann, fhios agad, am boireannach seo, ’s bha an duine aice a-muigh air cùl Phabaigh, às dèidh chaorach, ’s thàinig iad thuice ’s dh’innis iad dhi a h-uile càil, gun robh na gàidsearan air bòrd. ’S bha esan air an t-uisge-beatha a dhèanamh ’s bha e aige a-staigh, ach cha robh e air fhaighinn anns na pigeannan. Agus cha b’ urrainn dhìse, cho aithghearr sin, a chur dha na pigeannan, ach diorta a bha iad air a dhèanamh ach ron an siud, tha fios agad, làithean ron siud ach air mart a mharbhadh, agus tha e coltach, bha iad a’ roinn, tha fios agad, na bà a bha sin, am mionach ’s a h-uile càil, an fheòil chun a chèile. Agus fhuair iadsan, tha fios agad, an share dhen a’ mhionach agus bha a’ chailleach… bha a’ chailleach air na maragan a dhèanamh, maragan dubha ’s maragan geala, agus cha do rinn ise càil [???] ach leum i dhan a’ phreasa agus thug i a-mach na maragan, ’s thòisich i gan gearradh nan stiallan sìos, agus dh’fhalbh i agus chuir i ann am broinn an tuba e, agus ’s e cracann caorach a bh’ air uachdar na tuba, agus cheangail i an cracann, tha fios agad, air ais mar sin a-rithist. Agus thàinig na gàidsearan – triùir dhiubh. Rannsaich iad an taigh, agus cha d’ fhuair iad càil a-staigh. Ach chaidh iad a-niste dhan an rùm, agus na leapannan a bh’ ann an uair sin bha cùirtear sìos chun an làir, de na leapannan. Agus thog fear dhiubh, thog fear dhiubh an cùirtear, agus bha an tuba a-staigh ann a shin – tuba fhiodha. Tharraing e a-mach an tuba; bha cluas oirre ’s tharraing e a-mach an tuba ’s ghluais… dh’fhuasgail e an t-sreang. Cho luath ’s a thog e an cracann ’s a chunnaic e an t-uabhas a bha am broinn na tuba, bha e a’ smaoineachadh gur e rud eile a bh’ ann, ’s cha do rinn e ach càil ach leum air a chasan agus rug air a shròn air fhèin agus rinn e ron doras agus dh’fhalbh an dithis eile a-mach às a dhèidh.

Sin cho faisg agus a chaidh iad riamh air an glacadh. Ach tha e coltach gu bheil a’ phoit a bha iad a’ dèanamh an uisge-bheatha, nuair a bha iad a’ fàgail Phabaigh, gun deachaidh a’ phoit a chur a-mach air loch – Loch Èideil. Ach tha dà loch ann – Loch Èideil Bheag ’s Loch Èideil Mhòr. Uill, nam biodh tart mòr ann as t-samhradh, tha fear dhe na lochan, gheibheadh tu roimhe le do bhòtannan, ach chan fhaigheadh air an fhear eile. Tha am fear eile smaointeanach domhainn. Agus tha e coltach gu bheil a’ phoit a bha iad a’ dèanamh an uisge-bheatha ann, gu bheil i ann am meadhan an loch sin. Ach tha mi a’ creidsinn gu bheil i gu math fada domhainn an-diugh.

CN: Bha sibh a’ ràdh rium gun robh sgoil ann am Pabaigh uaireigin?

IM: O bha. Bha sgoil ann, agus meall mòr chloinne ann. Agus bha maighstir-sgoile aca ann cuideachd. Agus bha pìos talmhainn aig a h-uile duine a bh’ ann am Pabaigh an uair sin. Agus dh’fheumadh iad a bhith a’ buachailleachd a’ chruidh. Mar a bhiodh iad a’ cur a’ choirce ’s a’ cur a’ bhuntàta ann am pìos, dh’fheumadh iad an crodh a chumail a-mach às an sin. Agus bhiodh am maighstir-sgoile, bha e a’ cur a-staigh na sgoile anns a’ mhadainn. Ach chan eil fhios a’m a-nise dè an uair, tha fios agad, an robh uair aige mar a th’ aca an-diugh no nach robh, ach co-dhiù, nuair a gheibheadh na sgoilearan a-mach, bha iad a’ dol a bhuachailleachd a’ chruidh airson nach tigeadh iad an còir a’ bhàrr a bh’ aca, an coirce ’s am buntàta ’s na rudan sin.

Uill, far an robh an taigh-sgoile, chitheadh am maighstir-sgoile a-mach… an t-àite a bha iadsan air àiteach ’s a h-uile càil, ’s far an robh an crodh. ’S nam faiceadh e an crodh a’ tighinn a-staigh, fhios agad, a’ dol a thighinn chun a’ bhàrr, bha e a’ leigeil a-mach na sgoile, ag iarraidh air na sgoilearan a dhol a dh’fhalbh a-nis a bhuachailleachd a’ chruidh; gan cumail air falbh. Agus cho luath ’s a thigeadh an sgoil a-mach, nuair a gheibheadh a’ chlann dhachaigh ’s a ghabhadh iad am biadh, an dinnear, às dèidh na sgoile, bha iad a’ falbh a-mach an uair sin a bhuachailleachd a’ chruidh.

Agus chan eil mòran clachan beaga ann am Pabaigh idir, ach bhiodh iad a’ cruinneachadh nan clachan beaga, a’ cruinneachadh nan clachan beaga, na balaich, agus bhiodh iad a’ toir leotha puiceanan, fios agad, ’s a’ lìonadh nam pocannan le clachan beaga, ’s bhiodh iad fhèin a’ cluich ’s a’ caothach ann a shin, ’s nuair a chitheadh iad ’s dòcha feadhainn dhen a’ chrodh a’ tighinn faisg air an àite, ’s dòcha gum feuchadh iad clach, tha fios agad, bheag, tha fios agad, gan tilleadh. Agus… o bha seo a’ dol fad an t-siubhail, ach an triop seo, ’s ann a bha an crodh, tha fios agad, a’ tighinn na bu trice na bu mhath leothasan a bhith a’ tighinn agus ’s ann a theirig na clachan dhaibh.

CN: Nach e a bha ao-coltach ri na Hearadh.

IM: Ah uill, fios agad, bha, fios agad, ach ’s e clachan beagan morghain, tha fios agad. Cha b’ e clachan mòra a bha iad a’ feuchainn ann ach clachan beaga. Ach theirig na clachan agus ’s ann a… bha bruthaichean… tha bruthaichean mòra ann mar a tha anns na h-àiteachan seo fhèin de ghainmhich. Uill, thàinig a’ bhò a bha seo agus… co-dhiù, agus ’s ann a dh’fhalbh fear dhe na balaich, e a’ dol ga tilleadh air falbh ach ’s ann a chaidh i ro fhaisg air oir na bruthaiche, agus bhrist a’ bhruthach leatha, agus thuit i ris a’ bhruthach.

Ach o, cha do dh’èirich càil dhan bhoin, fhios agad. Cha robh ann ach bruthach gainmheacha beag, tha fios agad. Cha do rinn a’ bhò càil ach èirigh air a casan. ’S cha robh a’ bhò ach càil ach air èirigh air a casan nuair a thug am balach sùil, ’s ann a bha an rud seo a’ roiligeadh a-nuas bhon an oir, bho oir na bruthaiche, agus… Ghabh e iongnadh dheth, tha fios agad, cho iongantach ’s a bha an rud, ’s thàinig an rud a-nuas gu a chasan, ’s nuair a rug e air an rud cha robh ann ach crogan crèadh. Ach cha b’ e a’ chrèadh… ’s ann air a dhèanamh a bha a’ chrèadh. Bha crèadh gu leòr am Pabaigh. Dà sheòrsa crèadh ann; a’ chrèadh gheal agus a’ chrèadh liath.

Uill, ’s ann air a’ chrèadh gheal a bha e air dhèanamh. Agus ’s ann a ghabh na balaich nòisean uabhasach dhen an seo. Agus diorta a thòisich iad ach, ’s ann a bhrist iad an rud a bha seo, an crogan crèadh a bha seo. Chan fhaca iad càil riamh, fios agad, bu bhrèagha na an rud a bha am broinn a’ chrogain chrèadh a bha seo. Cha robh fhios aca air thalamh diorta a bh’ ann. Ach fhuair iad feum dha. Fhuair iad feum dha, bhon cha robh càil na b’ fheumaile na seo airson a bhith a’ tilleadh a’ chruidh. ’S lìon a h-uile duine dhiubh am pòcaidean leis an stuff a bha seo. Agus nuair a thàinig a-nis àm an crodh a thoir dhachaigh, thug iad dhachaigh leotha an crodh, tha fhios agad, thàinig an athair no am màthair a-mach còmhla riutha a dh’iarraidh a’ chruidh, ’s thug iad dhachaigh an crodh.

Anns a’ mhadainn, an làrna-mhàireach, an dèidh dhaibh a dhol dhan an sgoil, bha rud no dhà aig na balaich nach do chosg iad ris a’ chrodh nam pòcaidean, agus tha mi a’ creidsinn gun robh iad gan gleidheadh airson an latha sin fhèin a-rithist, airson a bhith a’ tilleadh a’ chruidh. ’S bha iad a’ cluiche leotha air an deasg, ’s chunnaic am maighstir-sgoile an rud a bh’ aca, ’s thàinig e a-nall ’s dh’fhaighnich e dhaibh càit an d’ fhuair iad siud. Dh’innis iad dha, agus dè bh’ ann ach ginidhean òire, air fad. Agus cha do rinn e càil ach leig e a-mach an sgoil an uair sin, ’s thug e leis na balaich ’s na h-igheanan, ’s thug iad fad an latha gu dorcha na h-oidhche air cliathaich Lingeigh a’ cruinneachadh nan ginidhean òire. ’S an làrna-mhàireach anns a’ mhadainn, thàinig bàta. Dh’fhalbh am maighstir-sgoile ’s cha do thill e riamh tuilleadh. Chruinnich iadsan a h-uile ginidh ’s bha esan… iadsan a’ cruinneachadh, tha fios agad, air an fheur far an robh iad gan togail ’s ga thoir dhàsan.

CN: ’S dh’fhalbh e leis?

IM: Dh’fhalbh e leis an òir air fad ’s cha robh càil… cha robh ann ach ginidhean òir air fad fiaraidh.

©Tobar an Dualchais