Àireamh: 42055

©Tobar an Dualchais

Tiotal: Nochd duine mòr agus gheàrd e boireannach a bha a’ coiseachd dhachaigh

Faid: 00:03:08

Àm Clàraidh: 13/12/1959

Fiosraichean: Ruairidh MacFhionghain

Sgìre Thùsail: Uibhist a Deas

Seòrsa: Sgeulachd

Cruinneachadh: Sgoil Eòlais na h-Alba

Luchd-clàraidh: Calum MacIllEathain

Ceangal: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/42055/1

Notaichean:

 

Tar-sgrìobhadh:

Calum MacIllEathain: Seo ma-thà…

Ruairidh MacFhionghain: Bha tè eile ann, agus ’s ann air Taobh a Tuath Loch Baghasdail a bha i, agus tha sin seachd mìle às an seo. Agus thàinig i a choimhead air a càirdean ann a sheo dhan… do bhaile ann a sheo, agus nuair a bha i deiseil agus a bha i airson falbh dhachaigh, rinn i air a shon, agus dh’fhalbh i cuideachd, agus chaidh duine dhe na càirdean pìos math dhen rathad leatha, ach dh’fhàg iad an sin ‘oidhche mhath’ aice ann a shin fhèin.

Ach co-dhiù, cha robh i sin fad air tilleadh, nuair a chunnaic i duine mòr ri taobh. Bha ise a’ cumail oirre gu tuath, ’s bha an duine mòr sa a’ cumail air cho math rithe fhèin. ’S cha robh e a’ dol air thoiseach no air dheireadh oirre, ach steap mar a dhèanadh i fhèin dhèanadh esan.

Chùm i roimhpe, mìle dhen rathad, ’s dà mhìle dhen rathad, agus suas a trì dhen rathad gun taigh idir… air an rathad idir. Shealladh i air a fiaradh an-dràsta ’s a-rithist ’s air a gualainn feuch am biodh e ann, ’s bha e ann a shiud ri gualainn. Cha robh ise a’ cantail guth, ’s cha robh esan a’ cantail guth.

Ach bha pìos, nuair a ràinig iad sìos teann air Dalabrog, bha rathad a’ dol a-mach ann a shin gu Loch Baghasdail, a-mach taobh an t-Sròim, an Sròm Dearg a chanas iad ris, agus bha e na rathad aithghearra. Bha e a’ cur dà mhìle a-staigh rithese dhen astar na bu ghiorra na ged a ghabhadh e an rathad mun cuairt air fad. Agus rinn i airson gearradh a-mach mar seo, ged a bha an oidhche dorcha dubh taobh an t-Sròim. Agus bhruidhinn esan an uair sin agus thuirt e rithe: “Hò,” ars esan, “’s fheàrr,” ars esan, “rathad goirid… rathad fada glan na rathad goirid salach.”

Cha do rinn i ach tionndadh an uair sin air ais, agus an rathad mòr a chumail mun cuairt, agus lean esan i. Bha e còmhla rithe fad na h-ùine gus an do ràinig i dìreach an taigh, agus nuair a ràinig i an taigh thuirt e rithe an uair sin gun robh feum aice gun robh esan ga geàrd air an rathad a-nochd.

Agus mar sin, fhuair i dhachaigh, ach tha mi cinnteach gu leòr gun robh oidhche no dha mun deach i a-mach air an doras tuilleadh leis an eagal.

Agus chan urrainn mise a chantail ach sin an-dràsta.

©Tobar an Dualchais